Picture of Broadford Primary School

Am Bòrd Smàlaidh

’S e a th’ ann am Bòrd Smàlaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean am buidheann poilitigeach a tha riaghladh ar Seirbheis.
 
Tha an t-Seirbheis ag obair às leth a’ Bhùird Smàlaidh a tha na Bhòrd Coitcheann le 24 buill, ’s iad:

16 buill bho Chomhairle na Gàidhealtachd
4 buill bho Chomhairle nan Eilean Siar,
2 bho Chomhairle Eileanan Arcaibh,
2 bho Chomhairle Eileanan Shealtainn.
 


 
Neach-gairm
Richard Durham
Comhairle na Gàidhealtachd               
Iar neach-gairm
Andrew Drever
Comhairle Eileanan Arcaibh     


Tha grunn bhuidhnean ag obair an lùib a’ Bhùird nam measg tha: Buidheann Gnìomh Poileasaidh is Ionmhais, Buidheann Gnìomh a bheir sùil air Planadh Aonaichte airson Làimhseachadh Cunnart agus Buidheann Gnìomh Sgrùdaidh. ’S i Comhairle na Gàidhealtachd a tha a’ toirt seachad sheirbheisean taice mar Clàrc a’ Bhùird, Oifis an Ionmhasair agus eile.

Thar nam bliadhnaichean mu dheireadh b’ e prìomh amas a’ Bhùird aonta maoineachaidh iomchaidh a ruighinn a tha a’ toirt an aire do nàdar sònraichte na seirbheis a tha a dhìth air an sgìre. Am measg nam prìomh cheann-ùidhe an-dràsta tha maoineachadh calpa ceart a lorg gus an lean am Bòrd orra leis a’ phrògram fharsaing togail aca. Feumar cha mhòr 40 stèisean a thogail às ùr, gus am freagair iad air feumalachdan an latha an-diugh. Cuideachd, ’s e adhbhar dragh a th’ ann don Bhòrd gu bheil einnseanan smàlaidh ùra fhathast a dhìth a thèid an àite na seann fheadhainn, agus am Bòrd ag iarraidh gum bi gach carbad aig an t-Seirbheis uidheamaichte mar bu chòir.