Picture of Loch Torridon

Structar

Tha e na amas dhuinn gum bi ar sgìre na àite nas sàbhailte agus na h-àite anns an fheàirrde daoine fuireach. Bidh sinn ag obair gu ruige an amas seo le lìonra 119 aonadan, le 1 stèisean fad-ùine, 95 stèiseanan ‘glèidhte’ agus 23 sgiobaidhean smàlaidh coimhearsnachd. Tha oifigearan proifeiseanta le grunn dhleastanasan a’ toirt taic do na h-aonadan seo agus iad stèidhichte ann an 11 Oifisean Ionadail.

Tha an
Sgioba Ceannais Ro-innleachdail
againn stèidhichte ann an Inbhir Nis, agus ’s iad a tha a’ toirt stiùir ro-innleachdail don  t-Seirbheis, a’ cruthachadh phoileasaidhean agus a’ cumail sùil air coileanadh. San sgioba tha: Àrd Oifigear Smàlaidh, Leas Àrd Oifigear Smàlaidh, Iar Àrd Oifigear Smàlaidh agus còignear Cheannardan Roinnean:
 
  •    Làimhseachadh Cunnart sa Choimhearsnachd
  •    Seirbheisean Corporra
  •    Obair na Buidhne
  •    Taic do Sheirbheisean
  •    Seirbheisean Dhaoine